Coimhearsnachdan iomallach
Ceann-latha tòiseachaidh: 10 Gearran 2012
Ceann-latha crìochnachaidh: 8 Ògmhios 2012
Back to top
Giorrachadh den obair
Sa Ghearran 2012, dh'iarr sinn fianais mu phrìs, roghainn is chothrom air bathar is seirbheisean ann am margaidhean iomallach anns an Rìoghachd Aonaichte. B' e adhbhar na h-obrach seo cur ri tuigse a thaobh mar a bhios iomallachd a' bualadh air roghainn is cothrom.
Ghabh sinn beachd air na ceistean fo raon iomlan uidheam OFT agus dh'fhoillsich sinn na toraidhean againn san Ògmhios.
Back to top
Na toraidhean againn
B' iad na prìomh cheistean a thogadh sa ghairm airson fianais:
-
Prìsean: gu h-àraid ann am bùithean ionadail, an fhaireachdainn gu bheil iad àrd gun reusanachadh ri linn suidheachadh lèir-shealbhachd, ceist mu dhìth follaiseachd.
-
An Lìon: gun chothrom air no dìreach ri fhaotainn aig an luas a chaidh a shanasachadh, cion farpais a thaobh luchd-solair na seirbheis, gun chothrom air an luas a chaidh a shanasachadh, còmhdach fòn-làimhe suarach.
-
Lìbhrigeadh: Ceist mu fharaidhean anabarrach/gun reusanachadh agus mu chumhaichean, mall a' lìbhrigeadh, gun a bhith a' lìbhrigeadh chun an taighe, suidheachadh gun a bhith air a chomharrachadh gu cruinn.
-
Connadh-rathaid: ceist mu phrìsean àrd connaidh, mu bheàrn ann am prìs eadar àiteachan, solar lèir-shealbhachd/cion farpais, cion follaiseachd a thaobh mar a bhios prìsean gan socrachadh agus a' bhuaidh san fharsaingeachd a bheir prìs a' chonnaidh air a h-uile nì ceangailte ri bhith a' fuireach air an iomallachd.
-
Seirbheisean còmhdhail phoblach: cion sheirbheisean no seirbheisean gun a bhith cunbhalach, cion farpais.
Tha an aithisg againn ag ràdh
- Gu bheil àite bunaiteach air sgèil-eaconomachd lag, gu sònraichte a thaobh reic agus gur dòcha gun toir seo buaidh nas cudromaiche seach astar.
- Ann an cuid de mhargaidean cudromach, tha àite mòr aig farpais agus tha suidheachadh anns a' mhargadh aig cuid de ghnìomhachasan a tha an ìre mhath na lèir-shealbhachd.
- Tha srian ris a' bhuaidh sgairteil a bheir an Lìon a thaobh roghainn, prìsean is càileachd an-dràsta le ceanglaichean cuibhrigte agus le ceistean mu lìbhrigeadh.
- Gu tric cha bhi farpais ann am margaidhean a' mairsinn fada, le buannachdan neo-rèidh a thaobh luchd-buannachd is luchd-call. Mar eisimpleir, bidh luchd-farpais a' stèidheachadh aig astar na bhuannachd do chuid de luchd-cleachdaidh ach gun a bhith do luchd-cleachdaidh nach eil buileach cho gluasadach.
Tha an obair againn air cuideam a chur air dà chuspair gu math follaiseach cuideachd:
- Sa chiad àite, tha margaidhean ann an suidheachaidhean iomallach ceangailte gu dlùth ri càch-a-chèile: faodaidh atharrachaidhean air aon mhargadh buaidh a thoirt gu luath air obrachadh ann am fear eile, ann an seagh nas fheàrr no nas miosa. Gu tric, faodar a' bhuaidh seo a chur air mhanadh, ged a tha e doirbh a tomhas gu cruinn.
- San dara h-àite, bidh margaidhean a tha an eisimeil air a chèile aig iarraidh gum bi fusglaidhean amalaichte ann.
Back to top
Gnìomh
Tha an aithisg air cuid de ghnìomhan a chomharrachadh a dh'fhaodas luchd-cleachdaidh, coimhearsnachdan, gnìomhachasan, an riaghaltas is an OFT gabhail. Mar eisimpleir:
- Gum bi luchd-cleachdaidh, le fios aca air an cuid chòraichean, a' rùrach mun cuairt agus mothachail gum faod far am bi iad a' ceannach buaidh ionadail a thoirt.
- Gum faod coimhearsnachdan le bhith ag obair còmhla cur ri cumhachd mu cheannach; faodaidh sealbh ionadail air gnìomhachasan agus lìbhrigeadh sheirbheisean sna coimhearsnachdan buannachd a thoirt.
- Gum faod gnìomhachasan, le barrachd follaiseachd mun chosgais an lùib gnìomhachas a chumail ann an coimhearsnachdan, beachdan ùra a spreagadh a thaobh mar a dh'fhaodar riarachadh eagrachadh gu buannachd luchd-solair is luchd-cleachdaidh le chèile.
- An riaghaltas, tro thasgadh anns am fo-structar, ceannach, a' cur iomairt ionadail air adhart agus cuideachadh dìreach eile mar thaic-airgid is chìsean.
- OFT, tro sgrùdadh air an lagh is a bhith ga chur an gnìomh, a' toirt seachad comhairle is stiùiridh agus a' cur taice ri oideachadh luchd-gnìomhachais is luchd-cleachdaidh mun cuid uallachaidhean is chòraichean.
Back to top
Sgrìobhainnean ceangailte
Back to top
Fios gu
Àrd-oifigear an Urra: Kyla Brand (0131 220 5930) kyla.brand@oft.gsi.gov.uk
Stiùiriche an Tionnsgnaidh: James Macbeth (020 7211 8958) james.macbeth@oft.gsi.gov.uk
Ceann-sgioba: Darren Eade (020 7211 8534) darren.eade@oft.gsi.gov.uk
Bu chòir do luchd nam meadhanan ceistean a chur gu Oifis nam Meadhanan againn.
Back to:
Price and choice in remote communities