Skip to the page Primary Navigation Skip to the page content Skip to page Footer

Press releases 2012 -

OFT air aithisg fhoillseachadh mu mhargaidhean ann an coimhearsnachdan iomallach air feadh na Rìoghachd Aonaichte

Remote mountain road

46-12g    8 Ògmhios 2012

Tha an Oifis ri Malairt Chothromach air toraidhean a' chomhairleachaidh mu mhargaidhean ann an coimhearsnachdan iomallach air feadh na Rìoghachd Aonaichte fhoillseachadh.

Tha mu leth-mhillean neach a' fuireach ann an sgìrean iomallach anns an Rìoghachd Aonaichte. Thog an fheadhain a thug freagairt air gairm-fianais OFT ceistean mu phrìsean àrda air connadh is grosaireachd, seirbheisean-lìbhrigidh a tha cuibhrigte no cosgail, còmhdhail phoblach nach eil math gu leòr, luas mall air an Lìon agus còmhdach fònaichean-làimhe nach eil ach suarach.

San fharsaingeachd, fhuair an Oifis a-mach gum faod prìsean nas àirde agus roghainn chuibhrigte sna sgìrean iomallach seo èirigh à ìre ìseal de reic agus farpais lag le lèir-shealbhachd ionadail aig cuid de ghnìomhachasan. Nuair nach urrainn do mhargaidhean ionadail ach ìre bheag de luchd-solair a chumail, faodaidh e bhith doirbh do luchd-cleachdaidh buannachdan a thoirt à farpais leanmhainneach. Tha an Lìon a' tairgse barrachd is barrachd chothroman gus cothrom fhaighinn air raon nas fharsainge de luchd-solair ach faodaidh gnìomh a bhith doirbh gus a dhèanamh cinnteach nach tèid srian a chur ri seo le cumhaichean is cosgaisean an lùib lìbhrigidh.

A bharrachd air a cuid chumhachdan gus aghaidh a thoirt air cartels agus duilgheadasan eile ceangailte ri farpais agus aghaidh a thoirt air briseadh lagh an luchd-chleachdaidh, tha àite aig an Oifis cuideachd ann a bhith a' sgrùdadh mhargaidhean agus ag agairt mun àite chudromach a tha aig roghainn luchd-cleachdaidh. A' cur feum air an raon fharsaing seo de chumhachdan, ghabh an Oifis ceuman, agus tha i gan daingneachadh a-nis, gus aghaidh a thoirt air na ceistean a thogadh, nam measg a' sgrùdadh chlaonaidhean ann an prìsean a' chonnaidh ann an eileanan na h-Alba, a' foillseachadh stiùiridh mu aontaidhean co-obrachaidh ann an tuathanachas agus a' strì ri ceistean mu dhìon luchd-chleachdaidh sna roinnean ri ola-teasachaidh is gas.

Tha an Oifis cuideachd ag obair le Inbhean-malairt na Gàidhealtachd gus dìon luchd-chleachdaidh a leasachadh mu sheirbheisean-lìbhrigidh agus a' cur ris an stiùireadh aice do luchd-reic a bhios a' riarachadh choimhearsnachdan iomallach a thaobh mar a ghèillear ri Riaghailtean mu Reic air Astar. Tha i cuideachd a' gabhail gnothaich ri puingean a rinneadh ann am freagairtean mu bhrisidhean ionadail a dh'fhaodadh a bhith ann air an lagh mu fharpais.

Tha an aithisg ag aideachadh nach eil na duilgheadasan uile a chaidh a chomharrachadh an taobh a-staigh raon-ùghdarrais na h-Oifis ri linn, mar eisimpleir, nach buin iad ri giùlan mì-laghail no an aghaidh farpais. Tha an sgrùdadh air cuideam a chur air tionnsgnaidhean ann an coimhearsnachdan ionadail a bheir aghaidh air na dùbhlain - mar eisimpleir, luchd-cleachdaidh a' cur ri chèile ann an 'clubaichean-ceannaich' gus prìsean a lùghdachadh, no a' stèidheachadh iomairtean sa choimhearsnachd gus caitheamh is prothaid ionadail a chumail sa choimhearsnachd. Tha i cuideachd air dòighean a shònrachadh sam faod gnìomhachasan, riaghaltas (an dà chuid ionadail is nàiseanta) agus com-pàirtichean ann an cur-an-gnìomh, a bharrachd air an Oifis fhèin, àite a gahbhail còmhla gus a dhèanamh cinnteach gum bi gnìomhachas a' gabhail ri luchd-cleachdaidh a rèir Cothrom na Fèinne.

Thuirt Kyle Brand, Stiùiriche OFT:

'Tha a' ghairm-fianais air leigeil fhaicinn mar a bhios duilgheadasan a thaobh prìs, roghainn is cothrom air bathar is seirbheisean a' càrnadh suas do luchd-cleachdaidh is do ghnìomhachasan ann an sgìrean iomallach. Faodaidh sinn mìneachadh a thoirt air mar a shoirbhicheas le dòighean-dèiligidh amalaichte gus an obraich margaidhean gu math - no co-dhiù nas fheàrr - don fheadhainn an an sgìrean iomallach.

'Chan eil fuasgladh furasta an taobh a-staigh cumhachdan na h-Oifis ach tha àite againn, agus aig gnìomhachasan, coimhearsnachdan agus buidhnean-riaghaltais.

'Gabhaidh is ghabh sinn gnìomhan sinn fhèin gus aghaidh a thoirt air na ceistean seo agus sgaoilidh sinn an aithisg againn gu roinnean-riaghaltais, ùghdarrasan ionadail, buidhnean-coimhearsnachd is eile a chuidicheas gus a dhèanamh cinnteach gun cuir an comhairleachadh seo cruth air còmhraidhean mu phoileasaidh. Cuiridh e cruth cuideachd air obair na h-Oifis san ùine air thoiseach, thar raon làn nan cumhachdan againn.'

NOTAICHEAN

  1. Sa Ghearran 2012, thug an OFT cuireadh do luchd-cleachdaidh is do ghnìomhachasan sna sgìrean seo innse mu na dh'fhiosraich iad gus a chur ri tuigse air mar a bhios prìsean, roghainnean is cothrom air bathar is seirbheisean fo bhuaidh na h-iomallachd. Tha barrachd fiosrachaidh mun tionnsgnadh seo ri fhaotainn air duilleag an tionnsgnaidh
  2. Mar fhreagairt air a' ghairm-fhianais aice fhuair an OFT 500 de fhreagairtean bho dhaoine, bho bhuidhnean poblach, bho riochdairean air an taghadh, bho chompanaidhean agus bho eagrachaidhean saor-thoileach.



Back to: Press releases

Public enquiries

08457 22 44 99

Media enquiries

Elliott Ball
020 7211 8898
elliott.ball@
oft.gsi.gov.uk

Russell Guthrie
020 7211 8899
russell.guthrie@
oft.gsi.gov.uk

Nike Onakoya
020 7211 8133
nike.onakoya@
oft.gsi.gov.uk

out of hours mobile
(media only)
077 7413 4814

Recently viewed pages

This feature requires Javascript and Cookies to be enabled on your browser

Email alerts

Register for email alerts or amend your existing account details here.